Notice: file_put_contents(): Write of 628 bytes failed with errno=28 No space left on device in /www/wwwroot/muzbon.net/system/url_helper.php on line 265
Mànran - Chasing Daylight | Скачать MP3 бесплатно
Chasing Daylight

Chasing Daylight

Mànran

Альбом: Mànran
Длительность: 3:11
Год: 2011
Скачать MP3

Текст песни

AN EALA BHAN
Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sas aig bron
Bhon an uair a dh'fhag mi
Beanntan ard a' cheo
Gleanntannan a'mhanrain
Nan loch, nam bagh 's nan srom
'S an eala bhan tha tamh ann
Gach la air 'm bheil mi 'n toir

A Mhagaidh na bi tursach
A ruin, ged gheibhinn bas—
Co am fear am measg an t—sluaigh
A mhaireas buan gu brath?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhithein buaile fas
Bheir siantannan na blianna sios
'S nach tog a' ghrian an aird

Tha 'n talamh leir mun cuairt dhiom
'Na mheallan suas 's na neoil
Aig na 'shells a' bualadh –
Cha leir dhomh bhuam le ceo:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhoir
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeoid

Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh
On bhlàr gun till mi beò
Is gu faic mi 'n t—àite
San deach ar n—àrach òg
An sin bidh crathadh làmhan ann
Is bilean blàth toirt phòg
'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut
Le fainne chur mud mheòir

Oidhche mhath leat fhein, a ruin
Nad leabaidh chubhraidh bhlath
Cadal samhach air a chul
Do dhusgadh sunndach slan
Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar
'S nam chluasan fuaim bhais
Gun duil ri faighinn as le buaidh –
Tha 'n cuan cho buan ri shnamh